SHORT SURVEY - GAELIC / GAIDHLIG
|
1. Com-pàirteachadh
Fàilte gu ar ceisteachan air roinn sgeulachdan a’ Chosta. Tha beagan cheistean againn dhuibh – faodaidh sibh cho beag no cho mòr ’s a thogras sibh a fhreagairt – chan eil sgeul sam bith ro bheag no ro mhòr agus nì notaichean sìmplidh a’ chùis ma tha sin ag obrachadh nas fheàrr dhuibh. Agus tha cothrom agaibh tilleadh agus seo a dhèanamh a-rithist ma thig sgeulachdan ùra thugaibh. Ma thèid sibh dìreach gu ar ceisteachan, lorgaidh sibh tòrr a bharrachd fiosrachaidh mun phròiseact bhrosnachail seo air an làrach-lìn againn aig www.coast.scot
Cuideachd, on a tha cànan is cultar na Gàidhlig cudromach air feadh Costa an Iar na h-Alba, is e suirbhidh dà-chànanach a tha seo. Feuch gun lìon sibh an ceisteachan seo sa chànan as fheàrr leibh fhèin – agus ma tha sibh a’ freagairt ann an Gàidhlig, tha dìreach beagan cheistean againn far a bheilear ag iarraidh oirbh geàrr-iomradh goirid a thoirt dhuinn ann am Beurla dìreach airson cuideachadh le ar co-thional agus ar mion-sgrùdadh. Bidh na sgeulachdan Gàidhlig uile air an aithris ann an Gàidhlig.