Com-pàirteachadh a thaobh Atharrachadh na Gnàth-shìde:

Gabh 8 mionaidean gus an t-suirbhidh seo a lìonadh – bhiodh e glè fheumail oir tha e gar cuideachadh gus tuigsinn cho mòr ’s a tha na buidhnean a tha an sàs ann am pròiseact Climate Beacons for COP26 air a bhith soirbheachail ann a bhith a’ dèanamh cinnteach gu bheil an lìonra aca an sàs le atharrachadh na gnàth-shìde. Thathar ag iarraidh ort an suirbhidh seo a dhèanamh a chionn ’s gu bheil thu air fo-sgrìobhadh dhan chuairt-litir aig aon no barrachd de na buidhnean a tha an sàs ann am pròiseact nam Beacon.
Prìobhaideachd agus Dìon Dàta: Bidh na Buidhnean uile a’ giullachd an dàta gu lèir a rèir ullachaidhean Riaghailt Coitcheann an Dìon Dàta (GDPR) agus thèid dàta a chumail gu tèarainte agus cha tèid a chumail ach cho fhad ’s a tha e a dhìth air a’ phròiseact. Chan fhoillsich na Buidhnean am fiosrachadh seo gun chead agus cha cho-roinn iad e leis na Buidhnean eile ach a-mhàin airson mion-sgrùdadh a dhèanamh air na freagairtean. Dh’fhaodte gun tèid na freagairtean a chleachdadh gun urra airson foillseachaidhean a’ phròiseact agus airson rannsachadh acadaimigeach eile, a’ gabhail a-steach fhoillseachaidhean. Ann an co-theacsa a’ phròiseict seo, tha ‘Buidhnean’ a’ ciallachadh nam buidhnean a leanas: Creative Carbon Scotland, Com-pàirtichean Co-òrdanachaidh Climate Beacons airson COP26, agus co-ionadan Climate Beacons airson COP26. Le bhith a’ cur nam beachdan seo às dèidh an tachartais gu Creative Carbon Scotland, tha thu a’ toirt seachad an aonta fhiosraichte agad. Ma tha ceist sam bith eile agad, cuir fios gu: emma.hall@creativecarbonscotland.com

Question Title

* 1. Tha iomadh riaghaltas, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, airson ‘cothromachadh carboin’ no ‘net zero’ fhaighinn. Dè an t-eòlas a th’ agad air a’ bhun-bheachd seo, ma tha dad agad?

Question Title

* 2. Dè am fòcas a bu chòir a bhith aig Alba gus cothromachadh carbon a bhith ann ro 2045?

Question Title

* 3. Gus cothromachadh carboin (net-zero) a ruigsinn ro 2045, tha Riaghaltas na h-Alba air targaidean eadar-amail a shuidheachadh. Dè an targaid lùghdachaidh carbon làithreach?

Question Title

* 4. Dè an ìre is a tha atharrachadh na gnàth-shìde a’ toirt ...

  Gu ìre mhòr Gu ìre air choireigin Chan ann cus Chan ann idir Chan eil fhios agam
Ort fhèin is do theaghlach
Air an sgìre ionadail agad
Air muinntir na h-Alba san fharsaingeachd
Air daoine ann an dùthchannan eile

Question Title

* 5. Dè cho draghail ’s a tha thu mu atharrachadh na gnàth-shìde, ma tha thu idir?  

Question Title

* 6. Dè an ìre ’s gu bheil thu ag aontachadh no ag eas-aontachadh ris na beachdan a leanas: 

  Ag aontachadh gu mòr Ag aontachadh Chan eil mi ag aontachadh no ag eas-aontachadh Ag eas-aontachadh Ag eas-aontachadh gu mòr Chan eil fhios agam
Tha comas agam atharrachaidhean a dhèanamh nam bheatha a dh’fhaodadh cuideachadh gus atharrachadh na gnàth-shìde a lùghdachadh  
Ma nì sinn uile nas urrainn dhuinn, is urrainn dhuinn a’ bhuaidh aig atharrachadh na gnàth-shìde a lùghdachadh  
Chan fhiach e rudan a dhèanamh gus atharrachadh na gnàth-shìde a lùghdachadh mur a dèan daoine eile an aon rud  
Tha mi a’ tuigsinn na bu chòir do dhaoine mar mi fhèin a dhèanamh gus cur an aghaidh atharrachadh na gnàth-shìde 

Question Title

* 7. Nuair a smaoinicheas tu mu atharrachadh na gnàth-shìde, ciamar a tha thu a’ faireachdainn?

Question Title

* 9. Tha diofar bheachdan aig daoine air ceuman a ghabhadh gabhail, dè an ìre is gu bheil thu airson no an aghaidh na leanas ann an Alba:

  Na aghaidh gu mòr Na aghaidh san fharsaingeachd Chan eil mi air a shon no na aghaidh Air a shon san fharsaingeachd Gu mòr air a shon Chan eil fhios agam
Targaid Riaghaltas na h-Alba gus eimiseanan na h-Alba a lùghdachadh gus am bi cothromachadh carboin (net zero) ann ro 2045
Cosgaisean a bharrachd airson nithean plastaig nach tèid a chleachdadh ach aon turas (m.e. cupannan dighe, soithichean bìdh)  
Reachdas a’ cur stad air a bhith a’ reic càraichean peatroil, dìosail no measgaichte (hybrid) ùr  
A’ tasgadh airgead aig an àm seo gus Alba ullachadh airson buaidh atharrachadh na gnàth-shìde (e.g. sgeamaichean dìon an aghaidh thuiltean) 
A’ toirt air luchd-seilbh taighean a bhith a’ cur siostaman teasachaidh nas uaine an àite siostaman gas/ola
A’ lùghdachadh an uireid de thalamh a tha ga chleachdadh airson a bhith a’ dèanamh bìdh agus a bhith ga chleachdadh airson ath-thogail àrainnean no airson glacadh carboin

Question Title

* 10. Dè an ìre ’s gu bheil thu ag aontachadh no ag eas-aontachadh ris na beachdan a leanas:  

Bidh a’ cur aghaidh air atharrachadh na gnàth-shìde:

  Ag aontachadh gu mòr Ag aontachadh Chan eil mi ag aontachadh no ag eas-aontachadh Ag eas-aontachadh Ag eas-aontachadh gu mòr Chan eil fhios agam
A’ toirt misean do dhaoine  
A’ brosnachadh barrachd spioraid coimhearsnachd  
A’ cuideachadh gus neo-ionannachd slàinte a lùghdachadh  
A’ cur ri sunnd dhaoine  
A’ toirt piseach air eaconomaidh na h-Alba le bhith a’ cruthachadh obraichean carbon-ìosail
A’ sgaoileadh ghoireasan agus beartais nas cothromaiche 

Question Title

* 11. An cuala tu mu phròiseact Climate Beacons for COP26 roimhe seo?

T